Tha ceithir àite deug air an t-slighe, a’ mhòr chuid dhiubh sin ri taobh Bàgh an Àth Leathainn.
Chaidh cidhe ùr an Àth Leathainn a thogail ann an 1904 le Companaidh Màrmoir an Eilein Sgitheanaich airson màrmoir às-mhalairt às a’ chuaraidh san t-Strath. Bha am màrmoir ga ghiùlain chun a’ chidhe air rathad-iarainn mus deidheadh a thoirt air bàta gu na bailtean mòra mu dheas agus cho fada air falbh ris an Eadailt. Chaidh an companaidh à bith ann an 1912 mus deach an obair ath-thòiseachadh ann an 1935 leis an White Rock Quarry Company. Mun àm sin ge-tà bha e na b’ fhasa agus na bu shaoire am màrmoir a ghiùlain air an rathad seach air rathad-iarainn.
Tha a’ chidhe ga chleachdadh fhathast mas as trice le bàtaichean iasgaich agus leithid sgothan-seòlaidh. Chithear pìosan den rathad-iarainn fhathast an siud san seo a’ cur nar cuimhne an àm thrang a bha seo ann an eachdraidh gnìomhachas na sgìre.
Chaidh muilinn an Àth Leathainn a thogail san 9mh linn deug airson arbhar a ghiullachd gu ìre coimearsalta. Ged nach deach a chleachdadh mar mhuilinn bho chionn bhliadhnaichean tha e ann am fìor dheagh staid agus ‘s ann ann a tha Taigh Nathrach an Eilein Sgitheanaich a chaidh fhosgladh le Ailig is Catrìona Shearer ann an 1991 mar ionad ionnsachaidh agus àite-tearmann do nathraichean nach robhas gan iarraidh tuilleadh no a chaidh an toirt dhan dùthaich gu mì-laghail. Tha cafaidh cuideachd ri fhaighinn innte.
Chaidh baile beag Achadh a’ chùirn no Waterloo sa Bheurla ainmeachadh às dèidh am blàr ainmeil a thug crìoch air Iompaireachd na Frainge.
Shìos air a chladach tha grunn sheòrsaichean fosail is iomadh creutair annasach eile ri lorg. Thathas airson cur an cuimhne dhaoine ge-tà gur e Ionad de Shuim Shònraichte a tha seo agus nach fhaodar falbh le fosailean sam bith.
Tha baile Bhreacais na laighe an iar air an Àth Leathann. Tha rathad a’ sgaradh a’ bhaile na dhà leth; Breacais Ìosail agus Breacais Àrd. A-rèir aithris tha an t-ainm co-cheangailte ris an tinneas gabhaltach a’ bhreac a bha uaireigin bitheanta agus a bha fàgail euslaintich le làraich air an craiceann.
Tha Breacais mar iomadh baile croitearachd eile le talamh àitich far air a’ chosta, far a bheil croitean is taighean agus talamh a Chùl Chinn nas fhaide staigh far am bidh stoc ag ionaltradh agus far am bithte a’ buain na mònach.
Tha ceangalan làidir aig baile beag Aiseag ris an Naoimh Maol Rubha (c.642-722) a shearmonaich an seo nuair a thàinig e às a’ Chomraich agus a steidhich e e fhèin air Eilean Phabaigh, dìreach mu
choinneamh Taigh Aiseag.
Tha an t-ainm a’ tighinn bhon Ghàidhlig a’ ciallachadh ‘maol’ agus ‘ruadh’.
Tha tobair bheannaichte faisg air a’ chladach ri fhaicinn fhathast còmhla ri creag mòr ris an canar Creag an Leabhair a thathas ag ràdh a bha e a’ cleachdadh na chùbaid. A-rèir beul-aithris bha eaglais bheag uaireigin air an làrach seo cuideachd.
Aig Laogharas lorgar na tha air fhàgail de chàrn-sheòmarach; càrn-cuimhne adhlacaidh anns a bheil seòmar air a chòmhdachadh le clachan agus le trannsa. Tha an structar sia-cheàrnach seo a’ dol air ais gu àm an Nuadh Leacach ged a bha cuid de na chaidh a lorg tràth san 19mh agus am 20mh linn deug a’ dol cho fada air ais ri Linn nan Umha nam measg dust/cnàmhan duine.
Tha càirn den t-seòrsa seo rin lorg air feadh na h-Innse Gall agus ag innse mòran mu eachdraidh an eilein.
Chaidh an drochaid bheag san Àth Leathann, a chaidh a thogail le muinntir na sgìre, fhosgladh ann an 2011. Chaidh a thogail an àite pìos den rathad-iarainn a bha uaireigin a’ ruith eadar a’ chuaraidh màrmoir a bha san t-Srath agus an Cidhe Ùr.
Bhon drochaid chithear sealladh àlainn de Bheinn na Caillich, a tha mu 732m a dh’àrd. A-rèir aithris tha Bana-Phrionnsa à Nirribhidh air a tiodhlacadh.
Tha an t-ainm “Beinn na Caillich” ri fhaotainn ann an àitean eile air feadh a Ghàidhealtachd agus tric co-cheangailte ri sgeulachd den t-seòrsa seo.
Tha an t-Àth Leathann air a bhith cudromach a thaobh eaconamaidh an Eilein bho riamh. Suidhichte aig crois-rathaid air muir no tìr, bha e uaireigin na mhargaidh chudromach far am biodh crodh bho air feadh nan Eilean Siar a’ tighinn air an t-slighe a Chaol Reatha far am biodh iad a’ snàmh gu tìr mòr.
Dh’fhàs am baile gu mòr tron dàrna leth den 19mh linn deug nuair a thàinig piseach air an eaconamaidh agus air gnìomhachas an èisg. Chaidh muilinn a thogail, thàinig fàs air turasachd san sgìre, thogadh àthan aoil agus chaidh tòiseachadh air cuaraidh airson màrmoir prìseil san t-Srath.
San latha an-diugh chithear fhathast togalaichean a bha uaireigin gu math cudromach a thaobh eaconamaidh na sgìre mar thaigh-òsta an Àth-Leathainn a chaidh a thogail air làrach taigh-seinnse bhon 17mh linn deug, ionad coimearsalta bho c.1840 agus dà chidhe.
Gun cheist ’s e Bàgh an Àth Leathainn an làrach nàdair as cudromaiche sa sgìre far am faighte measgachadh de fhiadh-bheatha leithid biastan-dubha, mucan-mara agus leumadairean-mara imrich a thilleadh air còrr is 129 gnè eòin a tha fuireach san àite agus ag imrich. Tha e cudromach gu sònraichte air sgàth ’s far a bheil e suidhichte agus e mar sheòrsa de shìoltachan airson eòin a tha dèanamh air deas.
Tha am bàgh na làrach glèidhteachais gu h-ionadail agus a’ tabhann sheallaidhean àlainn a-null seachad air eilean Phabaigh chun a’ Chomraich air tìr-mòr.
Tha an cuimhneachan seo ri lorg taobh a-staigh gàrraidhean coimhearsnachd a chaidh an cruthachadh mar chuimhneachan air Seumas Ros (1845-1902) a bha na thuathanach agus leis an robh taigh-òsta an Àth Leathainn.
B’ e Seumas a chruthaich an deoch-làidir ainmeil Drambuie. Bha e fhèin a’ cumail a-mach gun deach an reasabaidh a thoirt do sheann charaid athair le luchd leantainn a’ Phrionnsa Theàrlaich
an dèidh Blàr Chùl Lodair ann an 1745. Bhathas a’ dèanamh an deoch-ladair san teaghlach gu dìomhair airson iomadh bliadhna ach thòisichear an uairsin ga reic ann an Taigh-òsta an Àth Leathainn bho 1870 air adhart.
Tha an ainm ‘Drambuie” a tighinn bhon Ghàidhlig a’ ciallachadh ‘an drama buidhe’ no ‘an drama buidheach’. Chaidh a chlàradh le comharra malairt ann an 1893 agus tha e a-nis air fear de na
deochan-làidir as ainmeil san t-saoghal.
B’ e gnìomhachas an aoil a’ chiad adhartas eaconamaiceach a thàinig air an Àth Leathann san 19mh linn deug agus bha e mar chomharra air an adhartais ann an àiteachais sa sgìre air fad. Bha aol den ghnè as fheàrr ga thoirt à cuaraidh ann an Suardal far an robhas ga phronnadh mus deidheadh a ghiùlain dhan Àth Leathann far an robhas ga theasachadh ann an àth mus deidheadh a thoirt air falbh air bàta.
Tha an àth a chaidh a thogail ann an 1811 na seasamh fhathast ri taobh an t-seann chidhe ann am meadhan a’ bhaile. B’ e am Morar Dòmhnallach a phàigh air a son agus chaidh a dealbh le Seumas
Gilleasbuig Greumach, a thàinig gu bhith na ailtire gu math ainmeil ann an Alba san 9mh linn deug.
’S e an t-Seann Chidhe fear de na structaran as sine san Àth Leathann. Chaidh a thogail ann an 1807 cha mhòr ceud bliadhna mus deach an cidhe ùr a thogail mu thuath le Companaidh Màrmoir an Eilein Sgitheanaich no an Skye Marble Company. Tha an t-seann chidhe suidhichte ann am meadhan a’ bhaile agus tha e air a chuartachadh le togalaichean eile às an linn seo rud a tha ag innse dhuinn cho cudromach sa bha an làrach seo na latha.
Tha an t-seann chidhe a tha air a thogail le clachan ann an cruth L le steapaichean anns a’ bhalla suidhichte ann an àite far a bheil grunn bhùithtean beaga a th’ air an cleachdadh leis an dà chuid muinntir an àite agus luchd-tadhail.
Chaidh Talla Bhaile an Àth Leathainn a thogail air làrach an t-seann sgoil a chaidh a thogail ann an 1779. Bha aig oileanaich an toiseach ri pàigheadh airson an cuid foghlaim ach às dèidh Achd
an Fhoghlaim ann an 1872 bha e saor san asgaidh a dhol innte. B’ ann san sgoil a bha clann na sgìre ag ionnsachadh Beurla oir b’ e Gàidhlig cainnt am màthair gu bho chionn glè ghoirid. Coltach ri iomadh sgoil eile air a’ Ghàidhealtachd bha clann gam peanasachadh airson a bhith bruidhinn na Gàidhlig agus mar thoradh air a-sin lùghdaich an àireamh de dhaoine a bha ga buidhinn gu mòr san 20mh linn deug.
San latha an-diugh tha ath-bheothachadh air a thighinn air a’ Ghàidhlig agus ann an sgoiltean mar Bhun Sgoil an Àth Leathainn, a tha air cùlaibh an talla, tha ionadan far a bheilear a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha Talla an Àth Leathainn ga cleachdadh le muinntir an àite agus luchd-tadhail airson grunn thachartasan tron bhliadhna leithid chuirmean agus far am faigh buidhnean coimhearsnachd a thighinn.